![]() |
1. Caisteal Dhùn Èideann: Tha an caisteal an teis-meadhan baile Dhùn Èideann. Tha daoine air a bhith a' fuireach an seo bho faisg air 600BC. Ma thèid thu chun a' chaisteil, 's urrainn dhut seudan Crùn na h-Alba agus An Lia-Fàil fhaicinn - seann chlach air an robh rìghrean na h-Alba air an crùnadh. Aig uair feasgar a h-uile latha, tha an gunna mòr air a losgadh bhon a' chaisteal - leumaidh tu leis an eagal gu cinnteach! Tha an Fhèis Tattoo Armailteach ainmeil aig a' chaisteal cuideachd - chì thu na Pìoban agus na Drumaichean agus cluicheadairean armailteach mhìorbhaileach às gach ceàrnaidh dhen t-saoghal.
2. Drochaid Rathad-iarainn Fhoirthe: Aig aon àm, bha daoine a' meas gum b' e an drochaid rathad-iarainn seo, a chaidh a thogail anns na 1880an, aon de mhìorbhailean an t-saoghail. Seasaidh an sealladh nad chuimhne gu bràth. Bidh barrachd spòrs agad nuair a thèid thu tarsainn air an drochaid anns an trèana.
3. Bobaidh a' Mhanaich Liath: B' e abhag Sgitheanach a bh' ann am Bobaidh. Nuair a bhàsaich maighstir Bhobaidh, dh'èaladh Bobaidh dhan a' chladh a h-uile h-oidhche gus am biodh e faisg air. Bhiathadh clann na coimhearsnachd Bobaidh agus choimheadadh iad as a dheidh. Fiù 's sa gheamhradh, chaidileadh Bobaidh ri taobh a mhaighstir. Rinn Bobaidh, an cù beag, seo fad ceithir bliadhna deug gus an do bhàsaich e. Chaidh a thiodhlaigeadh ri taobh a mhaighstir agus fhuair e ainm air feadh an t-saoghail air sgàth 's gun robh e cho gràdhach is cho dìleas.
|
||||||
![]() |
|||||||
![]() |
|||||||
|
|
|||||||